Bòidhchead ar Sgìre 

View this page in English

A bheil sibh an dùil tadhal air Ceann a Tuath Leòdhais? Leigibh leis an luchd-treòrachaidh òg anns an fhilm ghoirid seo sealltainn dhuibh gach rud inntinneach a nì agus a chì sibh sa Cheann a Tuath. Cuiribh eòlas air na tràighean àlainn againn, tadhailibh air iomadh gnìomhachas ionadail no rannsaichibh eachdraidh na sgìre.

Le taing gu clann na sgìre agus gach gnìomhachas a chithear san fhilm, gu Caledonian Mac a' Bhriuthainn, WeeStudio, HebDrone, Comunn na Gàidhlig agus Urras Oighreachd Ghabhsainn.  

children playing on traktor

Cuir taic

Cuidich Comunn Eachdraidh Nis eachdraidh, cultar, cànan agus dualchas sgìre Cheann a Tuath Leòdhais a ghlèidheadh agus àrdachadh airson nam bliadhnaichean a tha tighinn.

Cuir taic