Chleachd a’ chrois seo a bhith na seasamh am am meadhan a’ chlaidh bhig air Eilean Rònaigh. A rèir beul-aithris, bha a’ chrois a’ comharrachadh uaigh Naomh Rònain.

Chìthear cumadh fireannaich rùisgte air a’ chrois. Tha an duine lormachd is dòcha a’ comharrachadh an t-seann chreideimh torrachais a bha ann san àm phàganach, agus chaidh an leac an uair sin a chleachdadh san àm Chrìosdail, agus chaidh trì tuill a chur ris a’ chrois, a’ comharrachadh na Trianaid. Chan eil e furasta aois a chur air a’ chrois, ach ’s dòcha gu bheil i a’ dol air ais chun 10mh no 11mh linn.

Chaidh a’ chrois a toirt air iasad do Chomunn Eachdraidh Nis bho Charaidean Teampall Mholuaidh ann an Eòropaidh.

children playing on traktor

Cuir taic

Cuidich eachdraidh, cultar, cànan agus dualchas na sgìre a ghlèidheadh agus àrdachadh airson nam bliadhnaichean ri thighinn. 

Cuir taic

Explore More