Anns na làithean a dh’fhalbh, b’ ann glè ainneamh a bhitheadh daoine a’ dol a Steòrnabhagh. Bha bùithtean anns gach baile bho Eòropaidh gu Baile an Truiseil an uair ud a bha a’ reic a h-uile nì air an robh feum, mar biadh, aodach, brògan, paireafain, salainn garbh, coinnlean, pàipearan-naidheachd agus gnothaichean croitearachd agus iasgaich. Bha grunnan bhèicearan san sgìre agus greusaichean gu leòr agus bha factaraidhean deoch-liomaide ann an Lìonal agus Tàbost cuideachd.

 

Explore More