Is e clò sònraichte a th’ anns a’ Chlò Hearach, a tha air a bhith air fhighe fad linntean le eileanaich aig na dachaighean aca fhèin anns na h-Eileanan an Iar.

Ann an 1846, bha a’ Bhaintighearna Dunmore, banntrach Iarla Dhunmore, leis an robh Eilean na Hearadh, mar mheadhan air tartan a’ chinnidh aca a bhith air fhighe mar chlò Hearach dhan luchd-obraich aice. Chaidh an t-aodach a bha seo fhaicinn le càirdean air tìr-mòr agus b’ ann mar sin a thòisich a’ ghnìomhachas as aithne dhuinne an-diugh mar an Clò Hearach.

Mun bhliadhna 1920, thàinig a’ bheairt Hattersley chun nan eilean airson a’ chiad uair, an àite na Beairt Mhòir. B’ e seo prìomh inneal gnìomhachais a’ Chlò Hearaich gu tràth sna 1990an an uair a thòisichear a’ cleachdadh a’ bheairt dhùbailte Bonas-Griffith.

Explore More